Uidheaman taser anns na h-Eileanan

Gunna taser Image copyright PA
Image caption Seo a' chiad uair a thèid gunnaichean taser a chur gu feum anns na h-Eileanan

Tha gunnaichean taser gu bhith air an cur gu feum le oifigearan poilis anns na h-Eileanan airson a' chiad uair.

Tha seo mar phàirt de dh'iomairt nàiseanta na h-uidheaman a thoirt do bharrachd oifigearan 's ionnsaighean air na poilis a' fàs nas bitheanta.

Tha Poileas Alba air 500 oifigear a bharrachd a thrèanadh ann a bhith gan cleachdadh - an dà chuid ann an sgìrean dùthchail agus anns na bailtean mòra.

Atharrachadh

Tha Rùnaire Chaidreachas nam Poileas ann an Alba, Calum Steele, ag ràdh gu bheil e cudromach aithneachadh gum faod na h-Eileanan a bhith a cheart cho cunnartach ri sgìrean eile.

"Bha dithis phoileas ann an Leòdhas fhèin dìreach bho chionn dhà neo trì bhliadhnaichean air ais - bha iad gu math fortanach nach deach an droch leòn le sgithinn nuair a bha iad a' dèiligeadh ri duine a thionndaidh e a-mach a bha gu math meadhanach e fhèin agus mura b' e gun tug iad greim air an sgithinn aig an àm - 's gun robh iad cha mhòr a' sabaid airson greim fhaighinn air an sgithinn na làimh airson suas tri trì chairteal na h-uarach - dh'fhaodadh gnothaichean a bhith air tionndadh a-mach tòrr nas tàmailtiche na thachair e".

Feumaidh daoine a thoirt fainear, thuirt e, gu bheil na h-Eileanan air atharrachadh agus thog e air mar a tha Uibhist air atharrachadh bhon àm nuair a bha e fhèin òg.

"Nuair a bha mise òg - rud a bha a' tachairt gu math tric, bha daoine a' fàgail an iuchraichean anns a' chàr agus a' fàgail doras an taighe fosgailte - chan eil leithid de dhaoine a' dèanamh sin a-nis idir."

"Tha an saoghal air atharrachadh - tha mi a' smaoineachadh duine sam bith a tha a' feuchainn ri dèanamh a-mach nach eil an aon seòras cunnart anns na h-Eileanan na tha ann an àite sam bith eile, nach eil iad fìrinneach dhaibh fhèin agus chan eil sin a' cuideachadh duine sam bith.