Linn ùr aig Tìm an Òbain

Tìm an Òbain

Is mòr an t-atharrachadh agus is brèagha am bigead.

Sin an teachdaireachd aig Tìm an Òbain is am pàipear air nochdadh ann an cruth ùr nas lugha 'son a' chiad turas.

Tha sreath de phàipearan mar-thà air an ceum sin a ghabhail, gu dearbh 's e Tìm an Òbain am pàipear ionadail mu dheireadh air a' Ghàidhealtachd a bha fhathast ri fhaighinn sa chruth thraidiseanta.

Chan eil ach beagan sheachainean bho rinn Courier Inbhir Nis an dearbh rud.

Coltach ris a' Chourier fhèin, tha eachdraidh fhada aig Tìm an Òbain is e air a bhith a' dol bho 1861.

Thuirt luchd-deasachaidh a' phàipeir gun do rinn iad na h-uimhir de rannsachadh am measg luchd-leughaidh is luchd-sanasachd is gun robh e follaiseach gun robh daoine ag iarraidh an atharrachaidh seo.

Thuirt 90% de na thug seachad beachd gum biodh iad na bu bhuailtiche Tìm an Òbain a leughadh ann an riochd tabloid, air neo nach dèanadh e diofar dhaibh.

Dh'innis an luchd-deasachaidh gum bi barrachd àite aca a-nise airson sgeulachdan ionadail a thoirt am follais.

Thuirt iad cuideachd gun lean iad orra leis a' phàipear fhoillseachadh air loidhne.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile