Fear air nochdadh sa chùirt às dèidh bàs sa Ghearasdan

Marc MacGuaire Image copyright Police Scotland
Image caption Chaidh Mgr MacGuaire fhaighinn air an t-sràid sa Ghearasdan 's e air a dhroch ghoirteachadh

Nochd fireannach ann an Cùirt an t-Siorraidh sa Ghearasdan fo chasaid mu bhàs Mharc MhicGuaire anns a' Chèitean.

Chaidh Mgr MacGuaire, 44 agus à Drochaid an Easbaig, fhaighinn air an t-sràid anns a' Ghearasdan 's e air a dhroch ghoirteachadh.

Bhàsaich e anns an ospadal ann an Glaschu.

Cha do rinn Iain MacIlleathain, 41 agus à Glaschu, tagradh sam bith agus chaidh a shaoradh air urras.