Leugh Leam

Leabhraichean
Image caption Bidh a' bhuidheann a' leughadh nobhailean, sgeulachdan goirid 's eile

Tha cluba-leughaidh ùr ga stèidheachadh air-loidhne a choinnicheas uair sa mhìos.

'S e Comhairle nan Leabhraichean a th' air cùl na buidhne, air a bheil Leugh Leam, far am bithear a' bruidhinn mu nobhailean, sgeulachdan goirid agus leabhraichean neo-fhicsean anns a' Ghàidhlig.

Thuirt Shelagh Chaimbeul bho Chomhairle nan Leabhraichean gun tàinig a' bhuidheann gu bith 's mothachadh ann gun robh e duilich buidhnean leughaidh a stèidheachadh ann an àitean fa-leth.

"Tha daoine air a bhith ag ràdh rinn cho doirbh 's a tha e cluba leabhraichean Gàidhlig a stèidheachadh agus daoine a lorg anns na sgìrean aca agus sin an t-adhbhar gun robh sinne agus e-Sgoil airson rudeigin a stèidheachadh air-loidhne gus am biodh e comasach do leughadair sam bith pàirt a ghabhail ann".

Bidh cruinneachaidhean cuideachd ann an diofar sgìrean - aig oifis Chomhairle nan Leabhraichean ann an Glaschu am measg eile - far am faod daoine a dhol airson pàirt a ghabhail anns a' bhuidhinn.

Do dhaoine eile cha bhi a dhìth ach maicreafòn agus camara-lìn.

Coinnichidh a' bhuidheann airson a' chiad uair air Dimàirt, an 26mh la den Òg-Mhìos aig 7:00f.

Bidh fiosrachadh ri fhaighinn air làraich-lìn Comhairle nan Leabhraichean ro-làimh ag innse do dhaoine mar a nì iad ceangal ris a' bhuidhinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile