70 dràibhear air an glacadh air an A82

An A82 Image copyright Google
Image caption Chaidh cha mhòr 200 carbad a stad uile gu lèir

Thuirt Poilis Alba gun robh iad air an tàmailteachadh le mar a chaidh 70 dràibhear a ghlacadh a' dol ro luath air an A82 ann an Loch Abar tro iomairt shàbhailteachd.

Chaidh cha mhòr 200 carbad a stad le oifigearan trafaig air an rathad aig an deireadh-sheachdainn agus chaidh 87 dràibhear a chur fo chasaid airson diofar eucoirean.

Thuirt an Constabal Iain Young gu bheil casg-astair de 60msu air an rathad le deagh adhbhar - sin airson luchd-cleachdaidh an rathaid gu lèir a chumail sàbhailte.

Thuirt e gun robh e gu h-àraid tàmailteach gun robh uidhir de dhràibhearan a' dol ro luath aig àm nuair a bha farpais bhaidhseagalan-beinne na cruinne ga cumail anns an sgìre.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile