County air an dòigh le Lindsay

Jamie Lindsay Image copyright SNS
Image caption Tha Jamie Lindsay a' tilleadh gu Ross County.

Thuirt co-mhanaidsear Ross County, Stiùbhart Kettlewell, gu bheil e air a dhòigh Jamie Lindsay a thoirt dhan chlub.

Bha Lindsay, 22, air iasad aig County bho Celtic air an t-seusan a chaidh.

Tha a-nise air ainm a chur ri cùmhnant an Inbhir Pheofharain às dèidh dha Celtic fhàgail.

"Tha sinn air ar dòigh Jamie a thoirt a-steach", thuirt Kettlewell.

"Bha e còmhla rinn air an t-seusan seo is tha deagh fhios againn mu na comasan a th' aige.

"Tha e òg is tàlantach is bha tòrr chlubaichean eile ga iarraidh, mar sin tha sinn fìor thoilichte gu bheil e a' tilleadh an seo.

Prìomhachas

"'S e Jamie fhaighinn air ais fear de na prìomh amasan a bh' againn as t-samhradh is tha sinn den bheachd gum bi e glè chudromach dhuinn anns na mìosan ri thighinn", thuirt e.

Fhuair na sgiobaidhean Gàidhealach cuideachd dearbhadh air na geamaichean aca ann an Cupa na Lìge.

Cuiridh County fàilte air Eilginn Disathairne an 14mh den Iuchar is air Dundee United Dimàirt an 17mh den Iuchar.

Bidh iad an uairsin air falbh an aghaidh Obar Bhrothaig Diciadain an 25mh den Iuchar is an aghaidh Alloa Disathairne an 28mh den Iuchar.

Bidh Caley Thistle aig an taigh an aghaidh Chove Rangers Disathairne an 14mh den Iuchar is air falbh an aghaidh Chowdenbeath Dimàirt an 17mh den Iuchar.

Thig Raith Rovers a dh'Inbhir Nis Dimàirt an 24mh den Iuchar is thèid ICT an uairsin an aghaidh Hearts aig Tynecastle Didòmhnaich an 29mh den Iuchar.