An Taobh Siar sa chuairt dheireannaich

Ball

Tha an Taobh Siar troimhe dhan chuairt dheireannaich de Chupa Jock Stein.

Rinn na Siaraich a' chùis air an Rubha, leis an robh an cupa, ann an ùine a bharrachd oidhche Luain.

Chuir Wally MacÌomhair an Rubha air thoiseach sa gheama às dèidh 20 mionaid, ach bha an Taobh Siar co-ionann le tadhal bho Mhàrtainn Stiùbhairt cairteal na h-uaireach às dèidh sin.

Cha robh tadhal idir san dàrna leth, ged a bha an Rubha den bheachd gun robh còir aca a bhith air breab-peanais fhaighinn anns na dìogan mu dheireadh, is chaidh an geama gu ùine a bharrachd.

Le ùine a' ruith is a h-uile coltas ann gun rachadh an geama gu breaban-peanais, nochd Luke MacAoidh le tadhal air leth bho 30 slat gus an Taobh Siar a chur troimhe.

Buaidh

Gheibh iad a-mach cò bhios nan aghaidh sa chuairt dheireannaich Diciadain nuair a chluicheas Nis agus Càrlabhagh aig na Còig Peighinnean san iar chuairt dheireannaich eile.

Tha aona gheama ann an Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse oidhche Chiadain cuideachd.

Geama mòr a tha sin is Port Rìgh a' cur fàilte air Juniors Phort Rìgh.

Oidhche Mhàirt ann an Lìog Uibhist is Bharraigh, rinn Beinn nam Fadhla a' chùis air Barraigh 2-1.

'S iad Eachan Mac a' Phì is 'Ginge' MacAonghais a fhuair na tadhail dha Beinn nam Fadhla is Craig Fearghasdan a' freagairt airson Bharraigh.

'S e seo a' chiad turas a tha Barraigh air call san lìog am-bliadhna.