Plana a' Chùil fon phrosbaig

A' Chùil Image copyright Alison Searl/RSPB Scotland

Beachdaichidh comhairlichean ann an Inbhir Nis Dimàirt air iarrtas 'son raon-goilf ùr a thogail an Cataibh.

Tha na h-Aimeireaganaich Todd Warnock is Mike Keiser airson raon aig àrd-ìre a thogail aig a' Chùil, eadar Eurabol agus Loch Fleòid.

Tha iad ag ràdh gun rachadh 250 dreuchd a chruthachadh is gun cuireadh an leasachadh £60m ri eaconomaidh Chataibh sa chiad deich bliadhna.

Ach tha draghan air a bhith ann mu na planaichean bho thùs.

Chuir sreath de bhuidhnean nan aghaidh is iad ag ràdh gum biodh droch bhuaidh air talamh machrach, is inbhe shònraichte SSI is SPA aig Loch Fleòid.

Togail

Ged a tha cuid de na gearainean a tharraing, tha oifigich Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh do chomhairlichean an t-iarrtas a dhiùltadh.

Tha iad ag ràdh gum biodh fìor dhroch bhuaidh aig an leasachadh air an àrainneachd, is gun cuireadh e às do chuid de dhùin ghainmhich, le buaidh cuideachd air fiadh-bheatha.

Tha cuid san àite fhèin air taic a chur ri na planaichean is iad ag ràdh gu bheil an sgìre feumach air togail.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil a' chuid mhòr den fheadhainn a tha a' fuireach ann an Dòrnach gu bheil iad leis", thuirt Sìne NicCoinnich, a tha a' fuireach sa bhaile.

"Tha mi a' smaoineachadh gun toireadh e daoine a-steach, luchd-turais cuideachd.

"'S e an goilf agus turasachd an dà rud a tha a' toirt bith-beò dha daoine an seo, chan eil tòrr obrach ann a bharrachd air sin", thuirt i.

Beachdaichidh Comataidh Dealbhachaidh a Chinn a Tuath air a' ghnothach madainn Dimàirt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile