Rabhadh mu mhaoraich Loch an Ròig

Srùbain Image copyright Getty Images

Thug Buidheann Inbhe a' Bhìdh rabhadh seachad nach bu chòir do dhaoine maorach à Loch an Ròig an Ear ann an Leòdhas ithe air sgàth ìrean àrda de phuinnsean.

Thuirt iad gum faodadh e a bhith na chunnart do shlàinte dhaoine maorach leithid feusgain, srùbain agus muirsgein bhon loch ithe.

Chaidh soidhnichean a chur an-àirde ri taobh an loch a tha a' toirt rabhaidh do dhaoine mun t-suidheachadh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar cuideachd air innse do dhaoine a tha a' buain mhaoraich gu coimearsalta, agus chaidh ceumannan a ghabhail gus dàil eadar-amail a chur air an obair aca gus an tig lùghdachadh air ìrean de liananaich.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil iad a' cumail sùil gheur air an t-suidheachadh, agus gun toir iad na soidhnichean rabhaidh sìos aon uair 's gun tig piseach air cùisean.