Fireannach fo chasaid mu bhàs sa Ghearasdan

Mark MacGuaire Image copyright Police Scotland
Image caption Tha dùil gun nochd fireannach sa chùirt Dimàirt co-cheangailte ri bas Mharc MhicGuaire.

Tha dùil gun nochd fireannach, 41, sa chùirt Dimàirt co-cheangailte ri bàs Mharc MhicGuaire anns a' Ghearasdan.

Bhàsaich Mgr MacGuaire, a bha 44 agus a bhuineadh do Dhrochaid an Easbaig, san ospadal ann an Glaschu sa Chèitean às dèidh mar a chaidh fhaighinn air an t-sràid sa Ghearasdan 's e air a dhroch leòn.

Chaidh fireannach eile, 22, a chaidh a chur an grèim, a shaoradh gun chasaid.

Thug na Poilis taing dhan choimhearsnachd airson an cuid foighidinn fhad 's a bha an rannsachadh aca a' leantainn.