FAI mu chall an Speedwell

An Speedwell Image copyright MacAlister
Image caption Chaidh an Speedwell fodha sa Ghiblean 2013.

Chuala rannsachadh tubaist bhàsmhoir air mar a chaidh am bàt'-iasgaich an Speedwell fodha an Earra-Ghàidheal fianais bho iasgair eile a bh' air a bhith ag iasgach roimhe le Scott MacAlasdair, 40, an sgioba a tha a dhìth.

Chaidh an Speedwell fodha far Eilein Èisdeil o chionn còig bliadhna, gun ach Mgr MacAlasdair air bòrd.

Cha deach a chorp a lorg riamh.

Thuirt Mgr Raibeart Gate nach robh am pumpa ann an slige a' bhàta ceangailte ri dealan mar a bu chòir, agus nach gabhadh a chur gu dol ach bho am broinn seòmar an einnseinn.

Chuala an rannsachadh, anns an Òban, cuideachd bho seann leannan Mhgr MhicAlasdair, Victoria Nic an Aba.

Chaidh ise an aghaidh a' bheachd nach robh cead aig Scott am bàta a thoirt a-mach air an là a chaidh i fodha.

Tha an teaghlach aige, a tha a' diùltadh pàirt a ghabhail san rannsachadh, air ìmpidh a chur air an Riaghaltas cuideachadh le bhith a' togail a' bhàta far ghrunnd na mara - mar a rinn iad leis an Nancy Glen.

Thuirt an Riaghaltas ge-tà, nach urrainn dhaibh a dhol an sàs anns a h-uile cùis de a leithid.

Tuilleadh air an sgeulachd seo