Gaelic hate
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fàilte air aithisg a' Mhorair Bhracadail

1 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha fàilte ga chur air beachd bhon Mhorair Bracadail gum faodadh eucoir air Gàidheil, ri linn 's gur e Gàidheil a th' annta, a bhith air a pheanasachadh fo laghan gràin cinnidh.

Bha am beachd an luib aithisg bhuaithe air laghan gràin na h-Alba san fharsaingeachd.

Agus tha Bòrd na Gàidhlig a' faicinn gu bheil seo feumail son na còmhraidhean aca le Coimisean na Co-ionnanachd.

Seo Iain Mac IllEathain.