Còmhraidhean a' dol 'son Comhairle Mhoireibh

Moray Council Image copyright Ryan Main

Tha còmhraidhean a' dol Dihaoine eadar buidheann SNP Comhairle Mhoireibh agus na buill eile a th' air fhàgail air buidheann riaghlaidh an ùghdarrais.

Thuit buidheann riaghlaidh na Comhairle às a chèile an t-seachdain seo às dèidh mar a choisich a' chuid mhòr den bhuidhinn Thòraidhich a-mach.

Roghnaich còignear comhairlichean Tòraidheach a' cho-bhanntachd le buill neo-eisimeileach fhàgail.

Dh'fhàg sin nach eil ach sianar a-nise air buidheann riaghlaidh na Comhairle - tha 26 àite air a' Chomhairle uile gu lèir.

Tha naoinear chomhairlichean SNP Mhoireibh dòchasach gum faigh iadsan cumhachd mar bhuidhinn riaghlaidh le mòr-chuid ann an co-bhanntachd le co-dhiù feadhainn den t-sianar a th' air fhàgail.

Bithear a' deasbad grunn roghainnean eadar-dhealaichte anns na còmhraidhean.

Thathar a' tuigsinn nach eil cuid de bhuill neo-eisimeileach idir cho deònach a bhith nam pàirt de cho-bhanntachd foirmeil eile cho aithghearr.

Mura tig aonta, dh'fhaodadh buidheann an SNP feuchainn ri buidheann riaghlaidh bheag-chuid a stèidheachadh.