Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cìsean Malairt

Tha ceannardan an Aonaidh Eòrpaich a' maoidheadh chìsean malairt air na Stàitean Aonaichte, a leig fhaicinn an-raoir gu bheil iad a' cur taraif air stàilinn agus aluminium às an Aonadh Eòrpach - rud a bheir buaidh cuideachd air Canada agus Meagsago. Tha làn-dùil gun cuir an Coimisean Eòrpach cìsean air stuth Aimeireaganach leithid uisge-beatha Bourbon, cranberries agus jeans.

An Spàinn

Chaidh ceannard Pàrtaidh Shòisealach na Spàinne, Pedro Sanchez, ainmeachadh mar Phrìomhaire ùr an dèidh bhòt chion-earbsa sa Phrìomhaire a bh' ann, Mariano Rajoy. Chaidh bhòt ann am Pàrlamaid na Spàinne iarraidh an dèidh sgainneil mu choirbteachd ann am Pàrtaidh a' Phobaill aig Mgr Rajoy.

Grianaig

Tha dithis oifigearan poilis anns an ospadal an dèidh tachartas ann an Grianaig anns a' mhadainn an-diugh. Chan eil fios dè cho dona 's a chaidh an dithis a leòn. Chuir poilis duine an grèim, agus tha esan cuideachd anns an ospadal, agus tha rannsachadh a' dol air adhart.

Bàs

Tha dùil ri fear anns a' Chùirt an-diugh co-cheangailte ri bàs ann an Inbhir Nis. Chaochail Garry Gallogley, a bha 54, an dèidh teine aig taigh ann an sgìre an Ràthaig Mhòir anns a' Ghiblean. Tha duine a tha 23 bliadhna de dh'aois, fo chasaid, agus tha dùil ris ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis an-diugh.

Droch Dhìol

Tha Comhairle Thaobh Siar Dhùn Bhreatainn a' gealltainn taic do dh'fheadhainn a tha a' fulang droch dhìol anns an dachaigh ann an taighean sòisealta na Comhairle. Tha an t-ùghdarras a' moladh, am measg eile, cead do dh'fheadhainn a tha a' fulang fuireach anns an dachaigh, agus an duine a tha ri droch dhìol a chur a-mach às an dachaigh sin. 'S ann san sgìre sin a tha an àireamh as motha an Alba de dhroch dhìol anns an dachaigh a rèir àireamh an t-sluaigh.

Eucoir Ghràin

Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllInnein, gu bheil misneachd ann an aithisg a dh'ullaich am Morair Bràcadal do Riaghaltas na h-Alba air eucoir ghràin ann an Alba san fharsainneachd. Ged a thàinig am Morair dhan cho-dhùnadh nach eil feum air lagh ùr, tha e ag ràdh gur dòcha gu bheil Gàidheil air eucoir fhulang mar thà fon lagh a th' ann.

Cosgaisean Tiodhlaigidh

Nì Coimisean na Farpais agus na Margaidh rannsacadh air cosgaisean tiodhlaigidh, 's iad ag ràdh gu bheil coltas ann gu bheil an gnìomhachas sin a' gabhail brath air daoine le prìsean àrda. Tha an Coimisean ag ràdh gu bheil dragh orra gu bheil daoine nach eil cho math dheth a' cosg suas ris an treas cuid de theachd a-steach bliadhna air tiodhlaigeadh.