Mòinteach Leòdhais gu bhith air a leasachadh

Mòinteach an Leòdhas Image copyright Claire Pegrum/Geograph

Tha dùil gun tèid gluasad air adhart ro dheireadh an t-Samhraidh le sgeama 'son mòinteach Leòdhais is na Hearadh ath-bheothachadh.

Thathas an-dràsta a' sireadh oifigeir ùir gus am pròiseact a threòireachadh, agus tha cola-deug air fhàgail do thagraichean an ainmean a chur a-steach.

Bidh ge b' i cò a gheibh an dreuchd stèidhichte ann an oifisean Urras Chàrlabhaigh.

"Chaidh coinneamh a chumail ann an Talla Bhreascleit leis a' chuid as motha de na h-oighreachdan coimhearsnachd a tha timcheall oirnn air an eilean, agus fiù 's tro na h-Eileanan Siar air fad," thuirt cathraiche an urrais, Coinneach MacIllInnein.

Càrbon

"Agus chaidh bruidhinn air gum bu chòir coimhead ri oifigear leasachaidh airson mòintich - "Peatland Restoration Officer" an t-ainm a bh' aca air - gum bu chòir coimhead ris airson nan Eileanan.

"Airson 's e seo an aon àite air Ghàidhealtachd co-dhiù far nach eil oifigear mar seo an-dràsta.

"Agus tha an Riaghaltas air airgead a chur mu seach, tha mi a' smaoineachadh gu bheil faisg air £6m aca air a chur mu seach airson a bhith a' leasachadh mòintich.

"Tha iad a' bruidhinn air mar a tha càrbon ag èirigh à mòine, agus gu h-àraid à riasg a tha fosgailte.

"Nise tha tòrr den mhòintich againne timcheall ann an seo, tha riasg fosgailte ann nach eil air a chòmhdachd le fraoch 's rudan mar sin.

"Agus sin an rud a tha iad ag iarraidh coimhead ris. Gum bu chòir coimhead ri àiteachan far am faighear air toirt air an fhraoch a bhith air ais far am bu chòir dha a bhith, agus an riasg air a dhùnadh gus nach bi an càrbon a tha seo a' falbh 's a' fosgladh dhan àrainneachd," thuirt e.

Buain is Ionaltradh

Bha dragh air cuid de dhaoine aig a' choinneimh gun cuireadh leithid de dh'obair glèidhteachais bacadh air daoine bho a bhith a' cleachdadh na mòintich mar is gnàth.

"Chaidh na ceistean sin fhaighneachd dhaibh, agus chaidh an ceasnachadh gu math teann air rudan mar sin," thuirt Mgr MacIllInnein.

"Chaidh a ràdh rinne nach biodh buaidh sam bith aca air rudan mar sin, gum biodh cead gu leòr aig daoine a dhol a bhuain mònach fhad 's gum biodh iad a' buain mònach ann an dòigh a tha a rèir na h-àrainneachd - mar a bha sinne ga buain riamh.

"Far am bi sinn a' toirt dheth a' cheap, agus an uair sin a' cur a' cheap sìos am broinn a' phuill. Fhad 's nach bi iad a' fàgail riasg fosgailte airson bhliadnaichean.

"A thaobh a bhith ag ionaltradh stuic, agus a' buain mònach, chan eil buaidh sam bith aige sin gu bhith air càil a tha dùil aig an oifigear a tha seo a dhèanamh.

"Tha sinne a-nis aig Urras Chàrlabhaigh, 's ann anns an oifis againne a tha an t-oifigear leasachaidh a tha seo gu bhith air a shuidheachadh, agus tha e no i gu bhith a' coimhead às dèidh Leòdhais is na Hearadh air fad.

"Agus tha sinn dìreach air an t-sanas a chur a-mach an-dràsta airson daoine a' cur a-steach airson na h-obrach a tha seo," thuirt e.

Tha dùil gum bi cuideigin san dreuchd deireadh an t-Samhraidh.