Dh'fhaodadh gun cuireadh Equinor càball

Càball air grunnd na mara

Dh'fhaodadh gum bi companaidh chumhachd Nirribheach, Equinor, deònach càball dealain ùr a chur eadar na h-Eileanan an Iar agus Hunterston ann an Siorrachd Àir, nan togadh iad tuath-gaoithe ùr aig muir faisg air Leòdhas.

Bha coinneamh aig Equinor ri buidhnean ann an Leòdhas Diardaoin, agus iad ag innse gu bheil iad a' coimhead ri làraichean timcheall air an eilean airson tuathan-gaoithe, a bhiodh gan togail an ceann ochd bliadhna.

Tha am feum air càball ùr airson dealan a chur gu Tìr-Mòr air a bhith na chnap-starra do leasachaidhean chumhachd anns na h-Eileanan.

Ma thèid planaichean Equinor air adhart, bhiodh an càball a' giùlain dealain bhon tuath-gaoithe a tha iad am beachd a thogail an iar-thuath air Leòdhas.

Bhiodh na crainn-ghaoithe sin air bhog, agus iad ceangailte ri pìob air grunnd na mara.

Tha leithid de thuath-ghaoithe a thog a' chompanaidh a-mach bho Cheann Phàdraig air a' chosta an ear air soirbheachadh gu mòr dhaibh, tha iad ag ràdh.

Tha dùil gun tagh a' chompanaidh làrach airson an tuath-ghaoithe an ceann dà bhliadhna, agus gum biodh na crainn gan togail mu 2026.