SPEEDWELL
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

FAI mu thubaist an Speedwell

31 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tòisichidh rannsachadh tubaist bhàsmhor Diluain air mar a chaidh am bàt'-iasgaich an Speedwell fodha far chosta Eilean Èisteil bho chionn còig bliadhna.

Chan fhacas Scott MacAlasdair- a bh' air bòrd - bhon uair sin.

Tha athair a' diùltadh fianais a thoirt dhan FAI ge-tà - 's e ag ràdh nach eil earbsa aige ann.

Choinnich Rùnaire na h-Eaconomaidh Dhùthchail Fearghas Ewing, ris an teaghlach agus mhol e pàirt a' ghabhail anns an rannsachadh.

Tha Andreas Wolff ag aithris.