Fear san ospadal às dèidh teine Steòrnabhaigh

Teine

Chaidh fireannach a thoirt dhan ospadal às dèidh falaisgeir air iomall bhaile Steòrnabhaigh Diardaoin.

Chan ann a' dol càil nas miosa a tha an duine, a tha 79.

'S ann eadar cladh Shanndabhaig agus cùl Rathad Shìophoirt a tha a' phàirce a chaidh na smàl.

Bha luchd-smàlaidh a' strì ris an teine fad uair de thìde mus an d' fhuair iad smachd air.