Corp air a lorg an Cnòideart

Dh'innis Poileas Alba gun deach corp a lorg ann an Cnòideart.

Tha iomairt-teasairginn air a bhith a' dol is fear-coiseachd a dhìth san sgìre.

Bha dùil ri Ian Stalker, a tha 65 agus a bhuineas do Dhùn Èideann, oidhche Mhàirt, an dèidh dha a bhith a' coiseachd ann an sgìre Sgurr a' Choire Bheithe.

Chaidh fios a chur air na Poilis madainn Diciadain gun robh e a dhìth.

Dhearbh iad gun d' fhuair luchd-tearsairginn lorg air corp.

Tha na Poilis ag ràdh gu bheil iad air fios a chur air teaghlach Mhgr. Stalker.

Thuirt iad nach eil dad amharasach mun chùis is gun tèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.