Cainb luach £20,000 ga lorg

Dh'innis Poileas Alba gun d' fhuair iad Cainb le luach sràide £20,000 ann an Inbhir Nis.

Chaidh na drogaichean a lorg aig taigh ann an sgìre Bruce Avenue ann an Dail an Eich Diciadain.

Fhuaireadh cuideachd suim airgid còrr is £10,000.

Chaidh casaidean a chur às leth fireannaich, 34, is nochdaidh e aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis san Ògmhìos.

Thuirt an Det. Insp. Peadar MacCoinnich gu bheil na Poilis ag obair gun sguir gus stad a chur daoine a tha a' malairt dhrogaichean gu mì-laghail.

Thuirt e gum bu chòir do dhuine sam bith le fiosrachadh no amharas mu dhrogaichean sa choimheasnachd aca fios a chur air Poileas Alba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile