Ceistean ùra mu ChalMac

MV Clansman

Thuirt Cathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar nach eil fianais sam bith ann gu bheil CalMac ag ionnsachadh bho mhearachdan a rinn iad roimhe.

Bha Uisdean Robasdan a' bruidhinn agus riochdairean ChalMac air nochdadh aig Comataidh na h-Eaconomaidh Dùthchail am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain.

Dh'aidich Àrd-Stiùiriche ChalMac, Robbie Drummond, gun robh an troimhe-chèile as miosa ann an ochd bliadhna air a bhith aca nan seirbheisean bho chionn ghoirid.

Thuirt Mgr Drummond gu bheil CalMac fo uallach mhòr is gun robh iad air mearachdan a dhèanamh le conaltradh am measg eile.

Thuirt e gu bheil CalMac ag ionnsachadh bho na mearachdan a tha sin.

Ach chan eil an Comh. Robasdan ag aontachadh.

"Tha iad a' dèanamh an aon rud fhathast. Bha coinneamh againn ann an Uibhist le Mgr Drummond fhèin is thuirt sinn gun robh sinn 'son faicinn dè dh'ionnsaich sibh às seo, ann an sgrìobhadh, gus am faic sinn dè dh'ionnsaigh sibh à seo is dè tha sibh a' dol a dhèanamh mu dheidhinn", thuirt Mgr Robasdan.

Plana

"Tha sinn gun sin fhaicinn fhathast", thuirt e.

Dh'innis an Comh. Robasdan gu bheil a h-uile dùil aig daoine gum bi barrachd throimhe-chèile ann gus an tig bàtaichean ùra a-steach gu seirbheis.

Thuirt e gun deach iarraidh air CalMac plana a stèidheachadh is a sgaoileadh air dè na ceumanan a ghabhas iad nuair a tha trioblaid ann le aiseasg, gum bi fios aig daoine dè thachras ma tha obair-càraidh ga dèanamh air bàta.

Thuirt e nach d' fhuair iad sin aig an ìre seo.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil tòrr obair aca (CalMac) ri dhèanamh a thaobh misneachd a thoirt air ais dha na coimhearsnachdan againn", thuirt e.

Leis a' Chlansman a' tilleadh dhan doc tha clàran-ama ChalMac gus atharrachadh a-rithist Dihaoine.

Tha atharrachaidhean eile air cuid de chlàran-ama na companaidh a' tòiseachadh Dihaoine.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile