Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Riadh

Dh'fhoillsich Ùghdarras Mhodh an Ionmhais riaghailtean airson smachd a chur air companaidhean a tha a' reic iasad air riadh àrd. Tha còrr is trì millean duine ann am Breatainn aig a bheil iasadan den t-seòrsa sin. Tha an t-ùghdarras a' moladh, am measg rudan eile, smachd air companaidhean a tha a' toirt seachad iasad airson àrnais taighe agus innealan dachaigh a cheannach, agus air an t-seòrsa rèidh a tha bancaichean a' cur air overdraft.

Coirea a Tuath

Tha dùil ri tuilleadh chòmhraidhean ann an New York an-diugh eadar àrd-oifigeach à Coirea a Tuath agus Rùnaire nan Stàitean Aonaichte Mike Pompeo, agus iad a' feuchainn ri coinneamh a chur air dòigh eadar an Ceann-Suidhe Trump agus Kim Jong-un. Agus tha ullachadh cuideachd ann an Singapore far a bheil dùil ris a' choinneimh air an ath-mhìos.

Afganastan

Thuirt arm nan Stàitean Aonaichte ann an Afganastan gu bheil an Taliban agus oifigich Afganach air coinneachadh a dheasbad aonta airson sìth eadar iad. Cha tuirt na Stàitean Aonaichte cò ghabh pàirt anns na còmhraidhean, ach gun robh riochdairean ann à dùthchannan eile, agus à buidhnean eadar-nàiseanta.

An t-Seirbheis Smàlaidh

Tha aithisg bho Sgrùdadh na h-Alba ag ràdh gu bheil Seirbheis Smàlaidh na h-Alba cha mhòr £390m gann air an t-suim a tha a dhìth airson einnseanan smàlaidh agus stèiseanan a chumail aig ìre. Tha an aithisg ag ràdh nach urrainn dhan t-seirbheis dèiligeadh ri sin gun tuilleadh leasachaidh agus taic-airgid. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil an aithisg ag aithneachadh adhartais bho chaidh aon sheirbheis smàlaidh nàiseanta a stèidheachadh.

Sruighlea

Cuiridh Riaghaltas na h-Alba £5m eile ris an aonta baile agus roinneil do Shruighlea agus Siorrachd chlach Mhanainn. Ron seo gheall Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba le chèile gur e £45m a chuireadh iad ris. Thuirt Rùnaire Eaconomaidh na h-Alba, Keith Brown, gun toir an t-airgead gu lèir còrr is 5,000 obair ùr dhan sgìre.

Equinor

Tha Equinor, a' chompanaidh a tha airson tuath-gaoithe a thogail aig muir far Leòdhais a' coinneachadh ri diofar bhuidhnean ann an Steòrnabhagh an-diugh. Thuirt Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a chuir a' choinneamh phrìobhaideach air dòigh, gu bheil iad a' faicinn chothroman mòra ann am plana Equinor. Tha Coimiseanairean Oighreachd a' Chrùin, dham buin grunnd na mara, iad fhèin a' coinneachadh ann an Steòrnabhagh an-diugh.