"Cothroman mòra" an lùib phlana Equinor

Tuath-gaoithe

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) a' faicinn chothroman mòra ann am molaidhean na companaidh chumhachd Equinor airson tuath-gaoithe mòr aig muir mu thaobh an iar-thuath Leòdhais.

Thug HIE cuireadh do dhiofar bhuidhnean gu coinneimh dhùinte ri Equinor ann an Steòrnabhagh Diardaoin, aig an aon àm 's a tha coimiseanairean Oighreachd a' Chrùin, aig a bheil smachd air grunnd na mara, a' coinneachadh ann an Steòrnabhagh.

Thathas a' tuigsinn gu bheil a' chompanaidh a' coimhead ri sgrìob den chuan eadar na h-Eileanan Flannach agus Rònaigh, tuath air Nis airson tuath-gaoithe a thogail leis na crainn air bhog 's iad ceangailte ri pìob air grunnd na mara.

Dh'fhaodadh an tuath-gaoithe sin a bhith a' cruthachadh eadar 100MW gu suas ri 600MW de dhealan, le 8MW às gach crann-gaoithe.

Dh'fhaodadh sin a bhith a' ciallachadh gum bi eadar 12 crann suas gu 75 crann.

Tha HIE ag iarraidh air riochdairean nan diofar bhuidhnean sna h-eileanan - leithid na Comhairle, buidhnean gnìomhachais agus iasgairean - tighinn a dhèanamh nochdte dhaibh dè seòrsa cuideachaidh a gheibh iad air a thoirt dhan phròiseact, agus dè seòrsa seirbheisean a gheibh iad air cumail ri Equinor.