CNES toilichte le Bile nan Eilean

Na Hearadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar am measg na chuir fàilte air Bile nan Eilean is e air a dhol tro Phàrlamaid na h-Alba oidhche Chiadain.

Thuirt iad gun robh am bile air a' cheann thall nas làidire na bha dùil aca gum biodh e.

Am measg eile, tha am bile a' toirt chumhachdan a bharrachd do dh'ùghdarrasan ionadail, is tha e a' cur dleastanas air an Riaghaltas agus buidhnean poblach eile aire a thoirt do bhuaidh nan gnìomhan aca air eileanan na h-Alba.

Bidh "plana eileanan nàiseanta" ann gus ro-innleachd a stèidheachadh air na tha a dhìth air eileanan na dùthcha san àm ri teachd.

Dìon

Tha am bile cuideachd a' cur dìon air crìochan sgìre taghaidh nan Eilean Siar aig Holyrood.

Thuirt Ministear nan Eilean, Humza Yousaf, gur e "clach-mhìle chudromach" a tha seo do choimhearsnachdan eileanach.

Thàinig am bile às an iomairt Ar n-Eileanan ri Teachd a bh' aig Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh is Comhairle Shealtainn.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad fìor thoilichte leis a' bhile a chaidh tron Phàrlamaid air a' cheann thall.

"S e faochadh mòr a th' ann gu bheil am bile seo air a dhol tron Phàrlamaid agus faochadh mòr, na h-atharrachaidhean a bhathar a' moladh agus na h-atharrachaidhean a chaidh aontachadh, tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad air am bile a dhèanamh tòrr nas treasa na bha dùil againn 's docha a bhiodh e aig deireadh an là", thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

Buaidh

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' dol a dhèanamh diofar mòr air sgàth 's gu bheil e a' dol a thoirt tòrr a bharrachd chumhachd a thaobh nan rudan a tha a' toirt buaidh air beatha dhaoine anns na h-eileanan.

"Tha e a' toirt a' chumhachd a tha sin air ais dha na coimhearsnachdan, chan ann a-mhàin gu ùghdarrasan ionadail ach dha na coimhearsnachdan fhèin", thuirt e.

Dh'iarr Mgr Dòmhnallach air coimhearsnachdan a bhith ag obair còmhla ri Comhairle nan Eilean Siar gus am faighear làn-bhuannachd às an achd a bhios ann.

Thuirt am BPA Uaineach, Iain Finnie, gur e eisimpleir a tha sa bhile de cho-obrachadh thar-phàrtaidh, is thuirt e gu bheil e den bheachd gur e reachdas eachdraidheil a bhios ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile