Fear-coiseachd a dhìth an Cnòideart

Ian Stalker Image copyright Other

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu fhireannach a bha a' coiseachd ann an Cnòideart agus nach do thill nuair a bha dùil ris.

Bha dùil ri Ian Stalker, a tha 65 agus a bhuineas do Dhùn Èideann, oidhche Mhàirt, an dèidh dha a bhith a' coiseachd ann an sgìre Sgurr a' Choire Bheithe.

Chaidh fios a chur air na Poilis madainn Diciadain gun robh e a dhìth.

Tha e 6tr de dh'àirde le falt liath 's e a' maolachadh, agus sùilean donna.

Tha dùil gun robh briogais choiseachd dhubh air, botannan donna leathair, flìos dearg no gorm, agus gun robh e a' cleachdadh phòlaichean coiseachd.

"Tha sinn ag iarraidh air daoine eile a bha a' coiseachd nam beann ann an Cnòideart agus a tha a' smaointinn gum faca iad Mgr Stalker, no fireannach a tha coltach ris, fios a chur oirnn le cabhag," thuirt an Sgt Keith Almond.

"Faodar fònadh gu na Poilis anns a' Ghearasan air 101, a' toirt seachad na h-àireimh cùise 1080 an 30mh là den Chèitean," thuirt e.