CalMac fon phrosbaig aig Holyrood

Pàrlamaid na h-Alba

Thèid Àrd-Stiùiriche Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a cheasnachadh am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain mun troimhe-chèile air lìonra aiseig na companaidh anns na seachdainnean mu dheireadh.

Bheir Robbie Drummond fianais seachad do Chomataidh na h-Eaconomaidh Dùthchail.

Tha Mgr Drummond fhèin ag ràdh gu bheil ochd bliadhna ann bho bha cùisean cho doirbh air lìonra ChalMac.

Thòisich an troimhe-chèile is feum air obair-càraidh air an MV Clansman.

B' fheudar bàtaichean a ghluasad gu slighean eile agus clàran-ama atharrachadh.

Mì-thoileachas

Chaidh cuid de sheirbheisean - leithid Malaig gu Loch Baghasdail - a chur dheth buileach glan, is bha fearg ann nuair a chaidh an MV Hebridean Isles a chur air an t-slighe eadar Ùige, Loch nam Madadh is an Tairbeart aig Àm na Càisge.

Dh'fhàg sin gun do chuir CalMac an MV Hebrides air ais air an t-slighe.

Ged a tha an Clansman air ais ann an seirbheis, tillidh i dhan doc an t-seachdain seo airson dusan là airson 's gun tèid obair-càraidh nas maireannaiche a dhèanamh oirre.

Thèid an t-seirbheis eadar Malaig agus Loch Baghasdail a chur dheth uair eile, agus bidh atharrachadh air an t-slighe eadar Malaig agus Armadail cuideachd.

Tha ceistean air nochdadh mu mar a làimhsich CalMac a' chùis, is draghan ann cuideachd mu cho aosta 's a tha cuid de na h-aiseagan a th' aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile