Uaigh a' Mhèidseir

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Aithris Iain Mhicaonghais air Mèidsear Alasdair Soutar.

Bha seirbheis shònraichte anns an Fhraing Diciadain dha mèidsear Albannach a chaill a bheatha bho chionn 100 bliadhna.

Gu ruige seo, cha robh fios càite an robh am Mèidsear Alasdair Soutar air a thiodhlaigeadh.

Rugadh Alasdair Soutar ann an Cuileann, Siorrachd Bhainbh, is chuir e seachad a' chuid as motha de dh'òige ann an Inbhir Theòrsa. Bha athair, air an robh Alasdair cuideachd, na mhinistear anns an Eaglais Shaoir Aonaichte sa bhaile.

Nuair a thòisich an Cogadh Mòr ann an 1914 bha Alasdair, a bha 27 aig an àm, am measg nam mìltean a chaidh dhan arm.

Bha agus a bhràthair, Frank.

Chaidh Frank Soutar a mharbhadh ann am Mesopotàmia ann an 1916.

Bha Alasdair fhèin an lùib an uabhais aig an Somme agus Passchendaele.

Image copyright Teaghlach Alasdair Soutar
Image caption Am Mèidsear Alasdair Soutar.

Tràth ann an 1918 ràinig e ìre Mhèidseir anns na Royal Engineers.

Ach cha tàinig am Mèidsear Soutar beò às a' chogadh.

Chaidh a mharbhadh le fear-gunna Gearmailteach ann an ionnsaigh air baile Hermonville san Fhraing air an 28mh den Chèitean 1918 is deireadh a' chogaidh gun ach beagan mhìosan air falbh.

Bha an sabaid cho cruaidh is cho brùideil is nach robh fios càite an deach am Mèidsear Soutar, is gu leòr eile, a thiodhlaigeadh.

Gu dearbha, cha robh fios aig an teaghlach càite an deach Frank a thiodhlaigeadh nas motha. Bhàsaich pàrantan nam balach ann an 1938 is 1939 gun fhios aca càite an robh cuirp am mac.

Ach 100 bliadhna às dèidh a' bhàis, tha fuasgladh ann a thaobh a' Mhèidseir Alasdair Soutar.

Tha fear David Tattersfield air a bhith a' rannsachadh na cùise às dèidh dha uaigh a lorg ann an cladh ann an Jonchery-sur-Vesle air an robh sgrìobhte 'A Major of the Great War. Royal Engineers.

'S e toiseach rannsachaidh ùir a bha seo do Mhgr Tattersfield, ach às dèidh iomadh ceum, tha e a-nise air dearbhadh gur e uaigh Alasdair Soutar a th' ann.

Diciadain, cha mhòr 100 bliadhna chun an là bho chaill am Mèidsear Soutar a bheatha sa bhlàr, chruinnich a theaghlach sa chladh airson seirbheis shònraichte.