Fear-baidhseagail air a leòn an Loch Abar

Tha Poileas Alba air rannsachadh a thòiseachadh às dèidh mar a chaidh fear-baidhseagail a dhroch leòn ann an tubaist rathaid ann an Loch Abar Diluain.

Thachair an tubaist air a' B8004 ann am Banbhaidh mu 1:25f.

Chaidh an duine, 51, a thoirt gu Ospadal na Banrìgh Ealasaid ann an Glaschu far a bheil e ann an suidheachadh ìosal.

Cha robh carbad eile an lùib na tubaiste, is thathas a' tuigsinn gun robh an duine a' gabhail pàirt ann an tachartas le luchd-baidhseagail eile aig an àm.

Chaidh an rathad a dhùnadh fad grunn uairean de thìde às dèidh na tubaiste.

Thuirt na Poilis gum bu chòir do dhuine sam bith le fiosrachadh mun chùis fònadh thuca air 101 is àireamh NP2548/18 a thoirt seachad.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile