County a' dèanamh luaidh air Neale Cooper

Neale Cooper Image copyright SNS

Tha Ross County am measg na tha a' dèanamh luaidh air Neale Cooper nach maireann.

Chaochail Cooper, 54, Diluain, às dèidh mar a chaidh a lorg gun mhothachadh ann an staidhre fhlataichean ann an sgìre Bucksburn de dh'Obar Dheathain air an deireadh-sheachdain.

'S ann à Obar Dheathain a bha Cooper is bha e na phàirt den sgioba iomraiteach aig na Dons a bhuannaich an Cup Winners Cup ann an 1983.

Chluich e cuideachd airson Aston Villa, Rangers, Reading is Dùn Phàrlainn mus deach e na mhanaidsear le Ross County ann an 1996.

Stiùir Cooper na Staggies bhon Treas Roinn dhan Chiad Roinn mus do ghluais e gu deas le Hartlepool United.

Thill e a dh'Inbhir Pheofharain ann an 2012 mar leas-mhanaidsear Derek Adams, is bha e ann gu 2014.

Gaisgeach

Thuirt cathraiche Chounty, Roy MacGriogair, gu bheil pàirt fìor chudromach aig Neale Cooper ann an sgeulachd Ross County.

"S e curaidh a th' ann aig a' chluba seo", thuirt Mgr MacGriogair.

"Mura b' e Neale Cooper is Bobby Wilson, cha bhiodh turas Ross County air tòiseachadh.

"Nuair a thàinig e an seo cha robh fios aige air mòran mu obair mhanaidseir is 's e glè bheag fiosrachaidh a bh' agam air obair chathraiche ach thàinig sinn còmhla is bha amannan sònraichte againn.

"Cha robh duine a bha na bu mhoiteile na Neale gun do ràining sinn a' Phrìomh Lìog is gun do bhuannaich sinn cupa.

"'S e duine sònraichte a bh' ann. Chan urrainn dhomh creidsinn gun do chaill sinn e", thuirt e.