Nis agus an Rubha aig bàrr na lìge

Pàirc an Rubha

Tha Nis agus an Rubha còmhla aig bàrr Lìog Leòdhais is na Hearadh às dèidh dhaibh buannachadh oidhche Luain.

Bha an Rubha ann an suidheachadh làidir an aghaidh sgioba nan Loch is tadhail bho Aonghas Dòmhnallach (2) is Wally MacÌomhair gan cur 3-0 air thoiseach.

Ged a fhuair na Lochan tadhal air ais bho Andy Moireach, rinn MacÌomhair cinnteach gum faigheadh na Deargaich na puingean le tadhal àlainn 'son an cur gu 4-1.

Cha do rinn tadhal eile bho na Lochan anns na diogan mu dheireadh diofar is an geama a' crìochnachadh 4-2.

'S e 3-0 a bh' ann dha na Nisich an aghaidh a' Bhac aig na Còig Peighinnean.

Chuir Ali 'Bones' MacLeòid Nis air thoiseach is 's e 1-0 a bh' ann aig leathach ùine.

Cofhurtail

Thàinig dàrna tadhal bho Mhìcheal Russell Mac a' Ghobhainn, is cha mhòr sa bhad chuir Seumas 'Titch' Moireasdan crìoch air fìor dheagh oidhche dha na Nisich.

Bha clach-mhìle an seo cuideachd dha Dòmhnall MacSuain eadar na puist is e air a dhol trì geamaichean gun tadhal a chall.

'S e a' chiad turas, a rèir choltais, a thachair seo is Sweeny air mòran bhliadhnaichean a chur seachad ann an seirbheis Nis.

Bha an Taobh Siar air an oidhche a thòiseachadh co-ionnan aig a' mhullach le Nis, an Rubha is na Lochan, ach cha deach ro mhath leotha an aghaidh Chàrlabhaigh aig Cnoc a' Choilich.

Bha sin a dh'aindeoin toiseach-tòiseachaidh làidir is Innes Iain Moireasdan le tadhal tràth.

Làmh an uachdair

Dh'atharraich cùisean às dèidh sin is tadhail bho Eardsidh Dòmhnallach is Callum Masson a' fàgail Chàrlabhaigh 2-1 air thoiseach aig leathach slighe.

Chuir Neil Mac na Ceàrdaich crìoch air cùisean dha Càrlabhagh is iadsan a' leum os cionn a' Bhac san lìog.

B' e dearbaidh Steòrnabhaigh a bha sa gheama eile oidhche Luain, is dh'èirich Achs far bhonn na lìge le buaidh 3-2 an aghaidh United.

Ross MacRath, Seamus Moireadan is Kieran Bell a fhuair na tadhail dha Aths is United a-nise aig a' bhonn.

Ann an Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse Dimàirt, rinn Slèite is an t-Srath a' chùis air Gleann Eilg 5-1.

Ann an Lìog Uibhist is Bharraigh, 's e 8-3 a bh' ann airson Èirisgeigh an aghaidh Uibhist a Tuath.