Roghainnean an Longman air am foillseachadh

Roghainn airson Cearcall-rathaid an Longman Image copyright Còmhdhail Alba
Image caption Fear de na còig roghainnean a chuir Còmhdhail Alba air adhart.

Chaidh planaichean airson leasachadh a thoirt air fear de na cearcallan-rathaid as trainge air Ghàidhealtachd fhoillseachadh le Còmhdhail Alba.

Tha a' bhuidheann air beachdan a' phobaill iarraidh mu na còig roghainnean a chuir iad air adhart airson Cearcall-Rathaid an Longman, a tha a' ceangal an A9 ris an A82.

Image copyright Còmhdhail Alba
Image caption 'S e an Longman tè de na sgìrean as traing an Inbhir Nis.

Thèid na planaichean a thaisbeanadh gu poblach an Inbhir Nis, agus gheibhear air am faicinn air-loidhne.

Bho chionn beagan bhliadhnaichean, chaidh solais thrafaig a chur an sàs, ach tha deasbad air a bhith a' leantainn co-dhiù tha iad a' cuideachadh le gluasad na trafaig.

Image copyright Còmhdhail Alba
Image caption 'S ann aig an Longman a tha an A9 a' ceangal ris an A82.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, gur e fear de na prìomhachasan a th' aig an Riaghaltas a bhith a' leasachadh an "tachdadh" a tha a' tighinn air trafaig aig a' chearcall-rathaid.

Image copyright Còmhdhail Alba
Image caption Thathas ag iarraidh bheachdan a' phobaill air na roghainnean.

"Bhrosnaichinn duine sam bith aig a bheil ùidh tighinn a dh'fhaicinn nam planaichean aig tè de na làraichean far a bheil iad gan taisbeanadh Dimàirt no Diciadain, far am bi cothrom aca na planaichean a dheasbad leis an sgioba againn agus beachdan a thoirt seachad," thuirt e.

Image copyright Còmhdhail Alba
Image caption Thèid am pròiseact a mhaoineachadh tro Aonta Baile agus Sgìreil Inbhir Nis.

Tha na planaichean gan taisbeanadh aig Taigh a' Bhaile an Inbhir Nis Dimàirt eadar 12:00f agus 7:00f, agus aig Stèideam Chaley Thistle Inbhir Nis Diciadain eadar 12:00f agus 7:00f.