Luchd-smàlaidh fhathast a' strì ri falaisgearan

An teine ann an Toirbheartan Image copyright Peter Jolly

Tha luchd-smàlaidh air a bhith ag obair tron oidhche air dà theine anns na monaidhean air Taobh Siar Rois.

Chaidh aig sgiobannan air teine eile, faisg air Sligeachan san Eilean Sgitheanach, a mhùchadh Diluain.

Ged a tha fhathast luchd-smàlaidh gu bhith an làthair Dimàirt aig teine ann an Achadh an t-Suidhe, faisg air Srath Charrann, bidh an iomairt as mòtha ga dèanamh ann an Toirbheartan.

An sin, bidh sia sgiobaidhean smàlaidh agus heileacoptair ag obair air teine a thòisich faisg air Diabaig air an deireadh-sheachdain.

Tha ceannardan na seirbheis smàlaidh ag iarraidh air daoine a bhith mothachail air a' chunnart bho theintean às dèidh treis de dh'aimsir thioram, bhlàth.

Tha na poilis a' rannsachadh an teine ann an sgìre Thoirbheartain agus tha iad airson bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic dad amharasach mu 10:45m madainn na Sàbaid.

Tha iad gu sònraichte airson bruidhinn ri dithis fhireannach a chaidh fhaicinn san sgìre aig an àm.

Thathas a' tuigsinn gun robh iad a' dràibheadh bhana bhig dheirg.

Tha oifigearan cuideachd airson bruidhinn ri daoine ann am bhana-campachaidh gheal, a thathas a' tuigsinn a tha clàraichte san Òlaind.