Adhartas a thaobh leasachaidh ghoilf

A' Chùil Image copyright Alison Searl/RSPB Scotland

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) air a' mhòr-chuid de na gearainean a bh' aca mu leasachadh ghoilf an Cataibh a tharraing.

Tha na h-Aimeireaganaich Todd Warnock is Mike Keiser airson raon aig àrd-ìre a thogail aig a' Chùil, eadar Eurabol agus Loch Fleòid.

Chuir sreath de bhuidhnean an aghaidh nam planaichean bho thùs is ceist orra mun bhuaidh air talamh machrach am measg eile.

Tharraing SEPA na gearainean acasan na bu tràithe air a' bhliadhna.

Tha SNH a-nise air innse gu bheil iadsan air gearainean a bh' orra mun bhuaidh air eunlaith is siostaman uisge na sgìre a tharraing.

Tha aona ghearan aca fhathast mun bhuaidh air dùin ghainmhich san sgìre.

Inbhe

Tha na dùin nam pàirt de làrach le dìon shònraichte shaidheansail.

Thuirt Todd Warnock gun robh còmhraidhean fada aig an luchd-leasachaidh le SNH.

Thuirt Mgr Warnock gun tèid na dùin ghainmhich a dhìon.

Dh'innis e gu bheil e dòchasach gun tèid an leasachadh air adhart, ged a tha cuid fhathast a' cur na aghaidh.

Tha an luchd-leasachaidh ag ràdh gun cruthaicheadh an leasachadh 250 dreuchd is gun cuireadh e £60m ri eaconomaidh Chataibh sa chiad deich bliadhna.

Beachdaichidh comhairlichean Gàidhealach air an iarrtas air a' 5mh là den Ògmhìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile