Obair a' tòiseachadh aig an Leth-allt

An Stòrr Image copyright Thinkstock

Thòisich obair air àite-amhairc agus pàirce-chàraichean ùr a thogail aig an Leth-allt ann an Stafainn.

Le àireamhan mòra de luchd-turais a' tadhal air an sgìre, tha seo mar phàirt de dh'oidhirp Urrais an Taobh Sear gus goireasan nas fheàrr a chur air dòigh dhaibh.

Nuair a bhios an t-àite-amhairc deiseal chithear dà eas, Druim Thròndairnis agus tarsainn Chaolas Ratharsair.

Thuirt fear de stiùirichean an Urrais, Dòmhnall Dòmhnallach, gum faigh luchd-turais muinntir an àite buannachd bhon leasachadh.

Cothrom

"Tha e a toirt barrachd cothrom do dhaoine tuigsinn eachdraidh na sgìre seach a bhith dìreach a' draibheadh troimhe."

"Agus cuideachd tha e a toirt cothrom do ghnìomhachasan agus muinntir an àite beagan buannachd fhaighinn a-mach às an taigh-tasgaidh a tha seo san àrainneachd.

"Mar sin tha sinn a sìor leasachadh na pròiseict, a' feuchainn ris an àite a dhèanamh sònraichte agus mar a thuigeas daoine tha an t-uamhas rudan tarraingeach anns an Eilean Sgitheanach ach seo an aon sgìre aig a bheil goireas dhen t-seòrsa seo," thuirt e.