''Na dùnaibh na bancaichean agaibh''

Banca Rìoghail na h-Alba ann am Barraigh Image copyright Google

Bu chòir do Bhanca Rìoghail na h-Alba stad a chur air a' phlana fon tèid bancaichean a dhùnadh, a-rèir Chomataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster.

Tha a' chomataidh ag ràdh nach eil manaidsearan RBS a' tuigsinn a' bhuaidh a bheir na planaichean air coimhearsnachdan ann an Alba.

Dhùn grùnn bhancaichean thall sa bhos sa Ghàidhealtachd mur-thà, ach dh'fhaodadh gun dùn barrachd air an ath mhios.

Chaidh innse gun fuiricheadh deich dhe na bancaichean fosgailte gu deireadh na bliadhna le Barraigh, an Caol, a' Mhanachainn agus Tunga an Cataibh nam measg.

Thèid sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh feuch an fhiach an cumail fosgailte.

Barraigh

Tha Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gu bheil e na mhisneachd mhòr dha gu bheil a' chomataidh a' togail na cùis.

Thuirt Alasdair Allan gu bheil e dòchasach gun gabh Riaghaltas Westminster agus Banca Rioghail na h-Alba feart do sgrùdadh na comataidh.

Dh'inns e nach eil am banca fhèin a' tuigsinn na buaidh a bheireadh a' bhanca a' dùnadh air an eilean agus air muinntir an eilein.