Tòrr thubaistean air an A82

Poilis na h-Alba
Image caption Poilis na h-Alba

Bha fireannach air a dhroch ghoirteachadh ann an tubaist air rathad an A82 feasgar na Sàbaid.

Bha dà chàr an sàs san tubaist, a thachair mu 3.40f.

B' fheudar dhan duine a ghearradh às a' chàr às dèidh na tubaist gu deas air Inbhir Garadh.

Bha an rathad fhèin dùinte airson grùnn uairean a thìde.

Chaidh am fireannach agus pàiste a thoirt dhan ospadal ann an Inbhir Nis.

Fhuair dithis, a bh' anns a' chàr eile, cùram ann an ospadal a' Bhelford sa Ghearastan.

A bharrachd air sin, thàinig fear air motor-baidhseagal dhen bhaidhseagal aige aig ceann-rathad Ghleann Eite às dèidh meadhan-là.

Trì uairean a thìde an dèidh sin, chaidh càr dhen rathaid mhòir faisg air ionad-sgithidh Ghleann Comhainn.

Thuirt fear-labhairt bho Phoileas Alba nach eil duine a bha an sas anns na tubaistean sin ann an cunnart am beatha.