Trì falasgairean mòra air a' Ghàidhealtachd

Diabaig an Àird Image copyright Alpin Stewart/Geograph
Image caption Thòisich tè dhe na teinichean ann an Diabaig an Àird.

Bha mu 30 smàladairean a' feuchainn ri smachd fhaighinn air falasgair faisg air Sligeachan san Eilean Sgitheanach.

Chaidh sia einseanan smàlaidh a ghairm dhan làraich goirid ro 10:00m madainn na Sàbaid.

Tha dùil gun tug an teine buaidh air deich acair de dh'fhearann.

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm cuideachd gu teine ann an Srath Carrann feasgar na Sàbaid.

A bharrachd air sin, chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu dheidhinn teine a bha a' sgapadh ann an Diabaig an Àird ann an Toirbheartan.

Chaidh heileacoptair a chleachdadh airson uisge a dhòrtadh air an teine.

Fiosrachadh agus fianais

Tha na poilis a' rannsachadh an teine ann an sgìre Thoirbheartain agus tha iad airson bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic dad amharasach mu 10:45m madainn na Sàbaid.

Tha iad gu sònraichte airson bruidhinn ri dithis fhireannach a chaidh fhaicinn san sgìre aig an àm.

Thathas a' tuigsinn gun robh iad a' dràibheadh bhana bhig dheirg.

Tha oifigearan cuideachd airson bruidhinn ri daoine ann am bhana-campachaidh gheal, a thathas a' tuigsinn a tha clàraichte san Òlaind.