Teann aig a' mhullach

Iomain

Tha cùisean a' fàs teann aig mullach Prìomh Lìog na h-iomain is Ceann Loch Seile air call 'son a' chiad turas am-bliadhna.

Chuir Iain Robinson Baile Ùr an t-Slèibh air thoiseach tràth sa Chlachan Aillseach is thàinig an uairsin tadhal eile bho Evan Menzies.

Fhuair Iain MacRath tadhal air ais do Cheann Loch Seile ro lethach ùine ach dh'fhaillich orra fear eile fhaighinn is am Baile Ùr a' soirbheachadh 2-1.

Tha Lòbhat a-nise còmhla ri Ceann Loch Seile aig mullach na lìge às dèidh dhaibhsan buannachadh 3-0 an aghaidh Chabair Fèidh.

Rèis

Thàinig na tadhail bho Marc MacLachlan (2) is Greg MacMhathain, ged a bha 3-0 car cruaidh air Cabers.

Le Ceann Loch Seile is Lòbhat air 13 puingean is am Baile Ùr air 10 is geama eile aca ri chluich, dh'fhaodadh gum bi rèis inntinneach romhainn.

Bha briseadh-dùil do Chaol Bhòid a leig puing eile às is iad co-ionnan 1-1 ri Camanachd an Òbain.

Chuir Robbie MacLeòid sgioba Thaigh na Bruaich air thoiseach aig Mossfield ach ghlèidh Scott Mac a' Mhaolain puing dhan Òban le tadhal san dàrna leth.

Bidh fios aig Caol Bhòid gum bi aca ri sreath gheamaichean a bhuannachadh ma tha iadsan gu bhith an lùib na rèise sin aig a' mhullach.

Faochadh

Thog Ceann a' Ghiuthsaich dà phuing luachmhor is iad a' soirbheachadh 4-3 an aghaidh Loch Abair, sin às dèidh dha na h-Abraich a bhith 3-1 air thoiseach tràth sa gheama.

Aig bonn na lìge bha faochadh ann dha na Sgitheanaich is iad a' togail phuingean 'son a' chiad turas air an t-seusan seo.

Chaidh iad air thoiseach an aghaidh Ghleann Urchadain goirid ro lethach slighe le tadhal bho Jordan Murchison, is chuir e an uairsin tadhal eile cha mhòr sa bhad.

Bha ùine aig sgioba a' Ghlinne tadhal fhaighinn air ais ro lethach ùine, ach thàinig fear eile bho Murchison goirid às dèidh dhaibh tòiseachadh a-rithist.

Cothrom

Fhuair an Gleann tadhal eile anns na mionaidean mu dheireadh le slaic-peanais bho Sheumas Mac a' Phearsain ach chrìochnaich an geama 3-2 dha na Sgitheanaich.

Tha iad fhathast aig a' bhonn ach le dòchas ùr a-nise gum bi cothrom aca fuireach sa Phrìomh Lìog.

Nas tràithe air an là bha dàrna sgioba an eilein air soirbheachadh 2-0 an aghaidh Cheann Loch Seile ann an Cupa Shrath Éireann.

Thàinig na tadhail sa gheama sin bho Angie Dòmhnallach is Chris Rose.

Chuir boireannaich an eilein crìoch air fìor dheagh dheireadh-seachdain dhan chlub Didòmhnaich le buaidh 5-0 an aghaidh Obar Dobhair.

Tha sin a' cur nan Sgitheanach gu mullach na Lìge Nàiseanta.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile