PIRC ri SPA: "Dèiligibh ri gearan MhicLeòid"

Caoimhin MacLeòid Image copyright An Teaghlach MhicLeòid

Chaidh iarraidh air Ùghdarras Poilis na h-Alba dèiligeadh ri uireasbhaidhean anns an dòigh san do dhèilig iad ri gearan bho theaghlach Chaoimhin MhicLeòid, 24, a chaidh fhaighinn marbh ann an caladh Inbhir Ùige ann an 1997.

Tha teaghlach Mhgr MhicLeòid den bheachd gun deach a mhurt, agus rinn iad càineadh làidir air an dòigh anns an deach a' chùis a rannsachadh le Poilis a' Chinn a Tuath, mar a bh' ann aig an àm.

Bha na Poilis an dùil gur e tubaist a dh'èirich dha.

Thog a theaghlach gearan le Ùghdarras Poilis na h-Alba (SPA), ag ràdh nach do rannsaich Poileas Alba mar a dhèilig na Poilis ris a' chùis ann an 1997 mar a bu chòir.

Leis nach robh iad riaraichte le freagairt an SPA, thug iad an gearan gu aire buidhne-faire nam Poileas, am PIRC.

Ghabh iad-san ris a' ghearan aca, agus dh'iarr iad air Ùghdarras nam Poileas dèiligeadh ri uireasbhaidean anns an fhreagairt a thug iad dhan teaghlach.

Thuirt iad-san gun dèanadh iad ath-sgrùdadh air mar a làimhsich iad an gearan.