Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coimisean Fàs

Tha Coimisean Fàs an SNP a chaidh fhoillseachadh an-diugh, ag ràdh gun cumadh Alba neo-eisimeileach an Not Breatannach airson deich bliadhna air a' char as giorra. Tha an aithisg cuideachd a' moladh in-imreachas mar dhòigh air an eaconomaidh a bhrosnachadh. Tha na pàrtaidhean dùbhlain ag ràdh gu bheil e a' faileachadh air Riaghaltas na h-Alba fàs a thoirt air an eaconomaidh agus nach eil argamaid làidir ann airson neo-eisimeileachd.

Coirea a Tuath

Dh'iarr Sìona air an dà chuid Coirea a Tuath agus na Stàitean Aonaichte a bhith ciallach agus cumail orra le còmhraidhean ged a tharraing an Ceann-Suidhe Trump a-mach à coinneimh air an ath-mhìos ri ceannard Choirea a Tuath, Kim Jong-un. Thuirt Ministearachd Chèin Shìona nach ann gun strì agus saothar a thàinig iad chun na h-ìre seo, agus gum biodh e tàmailteach an cothrom eachdraidheil seo a chall.

Dùn Èideann

Chaidh aon duine a mharbhadh an dèidh do chàr a dhol na theine an dèidh tubaiste ann an Dùn Èideann. Thachair an tubaist, anns an robh na h-uimhir de charbadan, air Rathad Maybury mu 12:30m. Bidh an rathad dùinte airson ùine fhad 's a tha rannsachadh a' dol air adhart.

Fiosrachadh Pearsanta

Tha atharrachadh a' tighinn gu buil an-diugh anns an lagh mu fhiosrachadh pearsanta a bhios companaidhean a' trusadh air feadh an Aonaidh Eòrpaich. Tha lagh GDPR ag amas air barrachd smachd a thoirt do dhaoine air an fhiosrachadh sin, agus dh'fhaodadh càin milleanan Not a dhol air companaidh nach cùm ris na riaghailtean sin.

Aiseagan nan Eileanan mu Thuath

Chaidh fàgail air Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' gèilleadh a-rithist le co-dhùnadh gum bi seirbheisean aiseig Arcaibh is Shealtainn a' dol gu tairgse phrìobhaideach. Thuirt Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, ron seo gum b' fheàrr leis an Riaghaltas cùmhnant a thoirt seachad do chompanaidh phoblaich gun phròiseas tairgse. Ach thuirt esan an-dè nach eil roghainn aca an dèidh comhairle laghail a ghabhail ach an t-seirbheis a chur gu tairgse phrìobhaideach le dùil ri cùmhnant ùr anns an Damhair an ath-bhliadhna.

Gleann Eilg

Tha muinntir Ghleann Eilg ag ràdh gur e cuideigin fìor-neo-eisimeileach a dh'fheumas a bhith os cionn chòmhraidhean eadar iad fhèin agus NHS na Gàidhealtachd. Tha an NHS a' moladh coimhead às ùr air seirbheis na sgìre a tha sin ann an Gleann Eilg, anns nach eil dotairean nas fhaisge orra na Ospadal an Ath Leathainn anns an Eilean Sgitheanach an dèidh 6:00f gach feasgar.

Equinor

Bidh a' chompanaidh chumhchd Equinor, a dh'atharraich an ainm bho Statoil, a' coinneachadh ri diofar bhuidhnean ann an Leòdhas an t-seachdain seo tighinn a bheachdachadh air an gabhadh tuath-gaoithe aig muir a thogail a-mach bho na h-Eileanan. Tha tuath-gaoithe aca mar thà faisg air Ceann Phàdraig le muillnean air uachdar na mara, agus tha iad an dòchas tuilleadh den t-seòrsa sin a thogail.