Baraill uisge-bheatha do gach òganach

Barail uisge-bheatha Image copyright Urras Àird nam Murchan/PA

Bheir Urras Àird nam Murchan baraill de dh'uisge-bheatha do dh'òganaich na sgìre nuair a ruigeas iad aois 18 bliadhna fo phròiseact àraid ùr.

Tha an t-Urras an dòchas gum bi seo na chuideachadh ann a bhith a' brosnachadh na h-eaconomaidh agus gus daoine a chumail san sgìre.

Tha cuid air an sgeama a chàineadh ge-tà.

Ceannaichaidh an t-Urras baraillean de dh'uisge-bheatha bhon taigh-staile ann an Àird nam Murchan às leth gach òganaich san sgìre eadar 10 agus 17 bliadhna de dh'aois.

Image copyright Mark Armin Giesler
Image caption 'S ann aig an taigh-staile fhèin a dheadh na baraillean a chumail ge-tà.

Nuair a thionndaidheas iad 18, bidh an uairsin cothrom aca am baraill a reic air ais ris an taigh-staile, 's thèid na prothaidean a chosg air foghlam a bharrachd no trèanadh dhaibh.

Gheibh iad cuideachd eòlas air gnìomhachas an uisge-bheatha.

Thèid na baraillean iad fhèin a chumail aig an taigh-staile ge-tà.

Tha an t-Urras an dòchas gum bi an iomairt na bhrosnachadh do dhaoine fuireach no tilleadh dhan àite, agus gun toir e togail dhan eaconomaidh ionadail.

Thuirt a' bhuidheann Alcohol Focus Scotland ge-tà, gu bheil e mì-chùramach an sgeama seo a chleachdadh ann an oidhirp an eaconomaidh a bhrosnachadh, gu h-àraid nuair a tha iomairtean a' dol gus an droch bhuaidh a th' aig deoch làidir a lùghdachadh.