Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Plèana

Tha rannsachadh ùr mun itealan le Malaysian Airlines a chaidh sìos anns an Ùgrain ann an 2014 ag ràdh gur e urchair le feachd Ruiseanach a thug a nuas i. Chaill faisg air 300 duine am beatha. Thuirt an sgioba Dhuitseach a tha os cionn an rannsachaidh seo gun d'fhuair iad làrach-meòir air an urchair a tha a' dearbhadh gur e slige Ruiseanach a bh' ann. Tha an Ruis a' dol às àicheadh gun robh gnothach aca ris.

Brexit

Thuirt Rùnaire Ceartais na Rìoghachd Aonaichte, Dàibhidh Gauke, gur e fathann a th'ann am beachd gun cur an seòrsa aonadh cusbainn leis an Aonadh Eòrpach a tha mòran anns an riaghaltas ag iarraidh, cogais cho mòr ri £20bn gach bliadhna air gnìomhachas ann am Breatainn. Thuirt àrd-oifigeach Roinn nan Cusbainn agus Cìse, Jon Thompson, an-dè gun tigeadh air companaidhean còrr 's deich nota fichead a phàigheadh ann an cusbainn air a h-uile gluasad malairt a dhèanadh iad.

Slàinte

Tha dà bhuidheann rannsachaidh ag ràdh gum feumadh cìsean èirigh dhan ire 's àirde riamh air an ath-chòig bliadhna deug 'son seirbheis 's cùram san NHS a ghlèidheadh aig an aon ìre 's a bheil iad an dràsta. Tha an t-Institiut 'son Sgrùdadh Fioscal agus Bunait na Slàinte ag ràdh gu bheil sluagh a' fàs, agus nas sine, a' ciallachadh gum faodadh cosgais a bharrachd, eadar £1200 agus £2000 sa bhliadhna, a bhith air a h-uile dachaigh san dùthaich.

SNP

Tha rannsachadh eaconomaiceach bhon SNP ag ràdh gum faodadh Alba neo-eisimeileach a bhith air dùthaich bheag cho soirbheachail 's tha air an t-saoghal. Thug Comisean Fàs an SNP sùil air dusan dhùthaich bheag eile aig a bheil eaconomaidh adhartach agus tha an athaisg, a thèid fhoillseachadh a-màireach, ag ràdh nach eil adhbhar sam bith ann nach biodh Alba neo-eisimeileach air an aon dòigh. Thuirt na pàrtaidhean dùbhlan nach eil anns an athaisg sin ach "goraiche".

Gallaibh

Tha dragh air daoine ann an Gallaibh gu bheil NHS na Gàidhealtachd am beachd tuilleadh leapannan a ghearradh ann an ospadail na sgìre. Tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil a h-uile coltas ann gu bheil an NHS am beachd tilleadh gu plana far am biodh nas lugha leapannan eadar Ospadal Dhun Barra ann an Inbhir Theòrsa agus Ospadal Inbhir Ùige.

An Eaglais Shaor

Thèid aithisg air beulaibh Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire an-diugh ag innse mar a thèid dèiligeadh ri ministearan air an tig fàiligeadh. Tha am pàipear a' moladh sgrùdadh nas mionaidaiche air cò tha an eaglais a' taghadh mar mhinistearan agus taic do mhinistearan aig a bheil trioblaidean.