Taic do mhinistearan san Eaglais Shaoir

Bìoball

Tha aithisg a' dol air beulaibh Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire Diardaoin mu mar a thathas a' dèiligeadh ri ministearan a tha a' fàiligeadh nan dreuchd.

'S ann bho Bhòrd na Ministrealachd a tha an aithisg a' tighinn, 's iadsan a' dèiligeadh ri tagraidhean airson na ministrealachd, trèanadh do mhinistearan agus tha uallach orra cuideachd airson a bhith a' coimhead às dèidh mhinistearan na h-eaglaise.

'S e Modaràtair na h-eaglaise, an t-Urr. Aonghas MacRath, a dheasaich an aithisg.

Trioblaidean

Tha an Eaglais Shaor air dèiligeadh ri grunn shuidheachaidhean duilich anns a' bhliadhna gu leth a dh'fhalbh.

Cho-dhùin Àrd-Sheanadh na bliadhn' an-uiridh nach robh caith-beatha an Oll. Urr. Iain D. Caimbeul nach maireann a' tighinn faisg air an ìre a th' air a shùileachadh bho mhinistear anns an eaglais.

Bhon uair sin chaidh ministear eile a chasg bhon mhinistrealachd, agus tha casg eadar-amail cuideachd air ministear eile.

Sgrùdadh mionaideach

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil e na chùis dragh gu bheil grunn mhinistearan air fàiligeadh, neo gu bheil casaidean de dhol a-mach mì-iomchaidh air èirigh nan aghaidh.

Tha i a' moladh sgrùdadh nas mionaidiche a dhèanamh air tagraichean airson na ministrealachd, agus cuideachd tha i ag ràdh nach urrainn dhaibh a bhith balbh nuair a dh'èiricheas casaidean an aghaidh mhinistearan.

Cuideachd thathas ag ràdh gum feum am bòrd a bhith deiseil innse do dhaoine mura h-eil na sgilean aca a dh'fheumas iad airson a bhith nam ministearan.

Taic do mhinistearan

Tha an aithisg cuideachd a' togail air cuid de na rudan a chaidh a dhèanamh bho choinnich an t-Àrd-Sheanadh an-uiridh.

Am measg sin tha am bòrd a-nis a' cleachdadh bhoireannach mar luchd-comhairleachaidh nuair a tha iad a' dèanamh measaidh air tagraichean airson na ministrealachd.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil sin a' toirt seallaidh eadar-dhealaichte dhaibh mun duine a th' air am beulaibh.

Tha am bòrd cuideachd air pàipear ullachadh a dh'innseas do chlèirean agus do mhinistearan dè na comharran a th' ann gu bheil ministear a' fàiligeadh na dhreuchd.

Chaidh an t-Urr. Ailig Dòmhnallach ainmeachadh mar fhear-taic do mhinistearan anns an eaglais, agus chaidh a chur os cionn buidheann de shianar, triùir bhoireannach nam measg.

Tha esan ag ràdh anns an aithisg gun tug e taic do mu dhusan mhinistear aig an robh duiligeadasan, agus gu bheil e a' faighinn taic bhon eaglais leis an obair a tha e a' dèanamh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile