Dragh a-rithist mu sheirbheisean slàinte Ghallaibh

Ospadal Inbhir Ùige Image copyright J Thomas/Geograph

Tha eagal air luchd-iomairt ann an Gallaibh gu bheil NHS na Gàidhealtachd deiseil airson planaichean a chur air adhart a-rithist airson leapannan a ghearradh aig ospadalan Inbhir Theòrsa agus Inbhir Ùige.

Tha seo a' tighinn às dèidh na dàrna coinneimh ann an trì a tha a' deasbad na tha an dàn do chùram shòisealta agus seirbheisean slàinte san sgìre.

Tha na coinneamhan nam pàirt de dh'ath-sgrùdadh ùr a chaidh a chur air chois le NHS na Gàidhealtachd às dèidh mar a b' fheudar dhaibh cur às dhan cho-chomhairle mu dheireadh aca leis cho mì-thoilichte 's a bha daoine mu mholaidhean airson Ospadal Inbhir Ùige a dhùnadh agus leapannan a ghearradh aig Ospadal Dhùn Bharra ann an Inbhir Theòrsa.

A reir Bill Fernie, cathraiche na buidhne iomairt CHAT, ged a tha na h-ùghdarasan slàinte ag ràdh gu bheil an t-ath-sgrùdadh a' dèanamh measaidh air diofar roghainnean, nach eil iad air roghainnean mionaideach a chur air adhart.

Thuirt Mgr Fernie, eadar staing ionmhais a' bhùird, agus na duiligheadasan ann a bhith a' fastadh agus a' cumail luchd-obrach, gu bheil CHAT glè chinnteach gu bheil gearraidhean fhathast air a' chlar-gnothaich.

Thèid an treas coinneamh a chumail seachdain Diardaoin.

Thuirt neach-labhairt bho NHS na Gàidhealtachd gu bheil an t-ath-sgrùdadh ag amas air roghainnean a dhealbhachadh, agus chaidh e às àicheadh nach robh susbainnt ann.