Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

M&S

Thuit prothaid Marks and Spencer, ro chìsean, còrr 's 60% gu £68m air a' bhliadhna ionmhais mu dheireadh. Dh'innis a' chompanaidh an-dè gum bi iad a' dùnadh còrr 's ceud bùth ro 2022 agus thuirt an t-àrd-oifigeach Steve Rowe gu bheil iad ag amas, an taobh a-staigh còig bliadhna, gur ann air loidhne a bhios iad a' reic an treas cuid.

Ìre na h-atmhorachd

Thuit ìre na h-athmhorachd, a rèir clàr an CPI, gu 2.4%, sa Ghiblean bho 2.5% sa Mhairt. Seo an ìre 's lugha bhon Mhàirt an-uiridh.

Uisge-beatha

Thuirt Comann Uisge-beatha na h-Alba gu bheil na tha an gnìomhachas a' reic thall-thairis aig an ìre as àirde riamh. Chaidh luach còrr 's £4.3bn de dh'uisge-beatha às Alba gu faisg air dà cheud dùthaich air feadh an t-saoghail an-uiridh. 'S e sin an còigeamh cuid den bhiadh agus deoch a tha Breatainn gu lèir a' cur gu dùthchannan eile.

Dotairean

Tha Comann Meidigeach Bhreatainn ag ràdh nach eil adhartas 'sam bith ann gu ruige cead-obrach ann am Breatainn do luchd-obrach meidigeach Eòrpach an dèidh Brexit. Thuirt an Dotair Peter Bennie aig a' Chomann Mheidigeach ann an Alba nach eil soilleireachd 'sam bith ann air na planaichean 'son in-imreachd. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum bi luchd-obrach talantach as fheàrr a' tighinn a Bhreatainn an dèidh Brexit.

Iasgairean

Thèid cead iarraidh a-rithist do dh'iasgairean bho thaobh a-muigh na h-Eòrpa a bhith ag obair air bàtaichean-iasgaich anns an dùthaich seo. Tha cion criubha air a' chosta an iar a' fàgail bhàtaichean-iasgaich ceangailte aig port agus tha ball nan Eilean Siar ann an Westminster Aonghas Brianan MacNèìll ag ràdh gum feum Oifis na Dùthcha cead a thoirt do dh'iasgairean bho thaobh a-muigh na h-Eòrpa, gu h-àraidh às na Philippines, cosnadh a dhèanamh san dùthaich seo. Bidh esan a' togail na cuise le Ministear na h-Inimrich Caroline Noakes an-diugh.

Rathad an t-Sròim

Tha feadhainn air Taobh Siar Rois ag ràdh gur e Riaghaltas na h-Alba a dh'fheumas sealltainn ris an trioblaid le seach-rathad an t-Sròim an deidh do Chomhairle na Gàidhealtachd innse nach eil airgead aca 'son piosan de rathad ùr a' thogail timcheall air na pàirtean as miosa dheth. Tha muinntir na sgìre ag ràdh nach e a-mhàin gu bheil an t-slighe cunnartach le creag a' tuiteam ach gu bheil an sgire a' fulaing gu mòr nuair a bhios an rathad dùinte 'son a' chreag a dhèanamh sàbhailte, mar a thachras 'son trì mìosan 's t-Fhoghair am bliadhna.

Goireasan turasachd

Dh'aontaich muinntir Dhruim na Drochaid bhòt a chumail feuch an fhiach trì goireasan sa choimhearsnachd a ghabhail thairis an dèidh coinneimh sa bhaile a-raoir aig an robh mu 150 duine. Tha Buidheann Coimhearsnachd Ghleann Urchadain a' coimhead air ionad luchd-turais Chaisteall Urchadain, seann ionad turasachd a' bhaile agus pìos fearainn san sgìre a ghabhail thairis.