Bhòt mu ghoireasan turasachd

Ionad-tadhail Chaisteal Urchadain
Image caption Thèid bhòt a chumail anns a' choimhearsnachd feuch am bu chòir dhaibh a dhol air adhart len oidhirp goireasan turasachd a ghabhail thairis

Tha muinntir Dhruim na Drochaid gu bhith a' bhòtadh air am bu chòir dhaibh feuchainn ri trì goireasan coimhearsnachd anns an sgìre a ghabhail thairis.

Bha mu 150 duine an làthair aig coinneimh oidhche Mhàirt far an deach bruidhinn air am bu chòir dhaibh feuchainn ri ionad-tadhail Chaisteil Urchadain agus an raon-parcaidh, ionad-turasachd a' bhaile a thèid a dhùnadh a dh'aithghearr agus pìos fearainn eile anns an sgìre a ghabhail thairis.

'S ann le Àrainneachd Eachdraidheil Alba a tha an t-ionad-tadhail an-dràsta ach tha beachd anns an sgìre gum bu chòir dhan choimhearsnachd fhèin a bhith a' faighinn buannachd nas motha às.

Sheall figearan ùra gun do thadhail 488,000 air a' chaisteal an-uiridh.

Tha ceist air feadhainn eile sa choimhearsnachd ge-tà a bheil na sgilean agus an t-eòlas aig muinntir an àite airson an t-ionad a ruith iad fhèin.

Ma bhòtas muinntir na coimhearsnachd airson a dhol air adhart leis thèid tòiseachadh an uair sin air plana gnothachais ullachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo