Coinneamh mu chriuthaichean cèine

Bàt-iasgaich

Coinnichidh BP nan Eilean Siar ri Ministear na h-Inimrich Caroline Nokes agus cion chriutha ann an gnìomhachas an iasgaich air a' chosta an iar a' fàgail nach eil cuid de dh'eathraichean a' dol gu muir.

Tha Aonghas Briannan MacNìll ag ràdh gum bu chòir Oifis na Dùthcha cead a thoirt do dh'iasgairean bho thaobh a-muigh na Roinn Eòrpa, gu h-àraid bho na h-Eileanan Filipinneach, cosnadh fhaighinn san dùthaich.

"Tha suidheachadh caran èiginneach ann a-niste," thuirt e.

"A dh'aindeoin bhliadhnaichean a bhith gann de chriutha, 's e cion chriutha a th' ann an-dràsta.

Siostam Inimrich

"Tha feadhainn air bàtaichean a reic 's chan eil iad a' faicinn fuasglaidh air seo idir.

"Mar sin, a-rithist, a' falbh a bhruidhinn ri ministear aig Oifis na Dùthcha - tha mi a' smaointinn gur e seo an seachdamh no ochdamh ministear a tha mise air a bhith a' bruidhinn ris - a ràdh riutha feumaidh sibh seo a thuigsinn.

"Feumaidh sibh na pìosan pàipeir a thoirt dhuinn a chumas sibh fhèin toilichte.

"Air tàilleabh tha a h-uile duine an Alba gan iarraidh, daoine às na dùthchannan cèine a th' airson a bhith ann. Tha na riaghaltasan aca airson iad a bhith ann.

"Agus mar sin carson nach eil Lunnainn gan leigeil ann?" thuirt e.

Thuirt fear-labhairt bho Oifis na Dùthcha gu bheil iad ag amas air siostam inimrich a bhios gu buannachd na dùthcha gu lèir.

Dh'innis e gu bheil e ceart agus cothromach gun tèid daoine bho Bhreatainn fhèin fhastadh an toiseach mus tèid daoine às thall-thairis.

Ann an 2010, chaidh sgeama a chur air chois gus bhìosa eadar-amail a thoirt do dhaoine bho thaobh a-muigh na Roinn Eòrpa, ach chaidh cur às dha sin ri linn agus nach robh iarrtas mòr ann air a shon.