Planaichean airson taighean cùraim an Steòrnabhagh

Buidheann Taigheadais Innse Gall

Tha Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) am beachd iarrtas cead-dealbhachaidh a chur a-steach airson taighean agus goireasan cùram a thogail an ceann trì mìosan.

Tha luach nam ficheadan milleanan Notaichean anns an leasachadh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air £40m fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba a dh'fheumas a bhith air a chosg anns an ath chòig bliadhna.

Tha HHP a' coimhead ri dachaigh cùraim ùr agus taighean le taic a thogail ann an Steòrnabhagh, agus barrachd thaighean sòisealta cuideachd a thogail air feadh nan Eilean.

Co-obrachadh

Thuirt cathraiche Buidheann Taigheadais Innse Gall, Tormod MacLeòid, gu bheil iad air aontachadh obrachadh nas dlùithe le Comhairle nan Eilean Siar gus pròiseactan a thoirt air adhart.

''Tha pàirt den dachaigh chùraim a tha gu bhith air Rathad Pearsabhal gu bhith a' dol an àite nan dachaighean cùraim ann an Dùn Bearasaigh agus Dùn Èistein.

''Tha togalach ùr gu bhith ann le 50 leabaidh airson a' phàirt sin dheth. Ach, a bharrachd air sin tha taighean taice gu bhith ceangailte ris, anns a bheil ùidh aig HHP.

''Mar sin, tha e cudromach gum faigh sinn 's dòcha na h-aon chùmhnantaichean ag obair air na làraichean sin agus gum faigh sinn prìs nas fheàrr agus gum faigh sinn air an leasachadh gu lèir a dhèanamh air an aon àm, an àite thairis air ceithir neo còig bhliadhnaichean,'' thuirt e.

Leis a' chosgais a tha gu bhith anns a' phròiseact, thuirt HHP gum feum an cùmhnant a dhol a-mach gu companaidhean air feadh Bhreatainn.

''Bhiodh sinn an dòchas gum faigheadh sinn companaidh anns an h-Eileanan air bhonn fo-chùmhnantaiche, ach feumaidh sinn prìsean reusanta fhaighinn,'' thuirt Mgr MacLeòid.

Prìsean reusanta

Tha HHP an dòchas gun tèid aca air cead-dealbhachaidh iarraidh san Lùnastal agus gun tèid aca air na cùmhnantan a chur a-mach gu tairsge ro dheireadh 2018.

Tha a' bhuidheann cuideachd a' coimhead air grunn leasachaidhean taigheadais air feadh nan Eilean, nam measg Breascleit, Baile a' Mhanaich, an Tairbeart, an Taobh Siar agus air a' Bhac.

Tha HHP an dòchas gun tèid aca air an £40m a fhuair iad bho Riaghaltas na h-Alba gu lèir a chleachdadh, agus aca ri chosg san ath chòig bliadhna.

''Tha e gu bhith duilich co-dhiù, ge b' i dè an taobh a sheallas sinn ris.

''Tha sinn an dòchas gum faigh sinn air a h-uile sgillin a chosg.

''Chan eil sinn aig deireadh an là ag iarraidh gum bi againn ri airgead a chur air ais chun an Riaghaltais. Bhiodh sin uabhasach duilich dha na h-Eileananan, bhiodh e duilich dha HHP, dhan Chomhairle agus dha na companaidhean togail anns na h-Eileanan.

''Mar sin, tha e deatamach gum faigh sinn air obrachadh còmhla ris na cùmhnantaichean anns na h-Eileanan, agus mura bheil iadsan deònach prìsean reusanta a chur a-steach 's dòcha gum bi againn ri coimhead air companaidhean air Tìr-Mòr,'' thuirt e.

Tha HHP an dòchas ma thèid aca air an airgead seo gu lèir a chosg gum faigh iad tuilleadh airgid bhon ath sgeama a th' anns an amharc aig Riaghaltas na h-Alba ann an 2022.