Eilidh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

A' cuimhneachadh ionnsaigh Mhanchester

22 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chumar tachartasan ann am Manchester Dimàirt a' comharrachadh bliadhna bho thachair ionnsaigh cheannairc sa bhaile far an deach 22 duine a mharbhadh.

Bha nìghean òg à Barraigh, Eilidh NicLeòid, am measg na chaill am beatha nuair a spreadh boma aig Arena Mhanchester aig deireadh cuirm-chiùil Ariana Grande.

Chaidh a caraid, Laura Nic an t-Saoir, a dhroch leòn.

Chaidh an tè-naidheachd Karen Elder a Bharraigh bho chionn ghoirid.