Coinneamh eadar CnES agus Oighreachd a' Chrùin

Taobh a' Chaolais, Uibhist a Deas

Tha dùil gun coinnich Comhairle nan Eilean Siar ri riochdairean Oighreachd a' Chrùin agus an t-ùghdarras ag iarraidh chòirichean agus stòras na h-Oighreachd a chur ann an làmhan nan ùghdarras ionadail.

Dh' fhoillsich Oighreachd a' Chrùin ann an Alba planaichean Diluain airson pìosan de ghrunnd na mara a chur a-mach air màl 'son tuilleadh thuathan-gaoithe a' stèidheachadh aig muir.

Tha dùil gum faodadh mòran stòras a bharrachd a thighinn a dh' Alba ri linn còirichean Oighreachd a' Chrùin a thilleadh à Lunnainn.

Tha Oighreachd a' Chrùin an Alba airson 's gum bi barrachd thuathan-gaoithe aig muir, rud a chuireadh gu mòr ri teachd a-steach na buidhne.

Smachd air còirichean

Thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu bheileas a' tuigsinn gu bheil Oighreachd a' Chrùin anns an fharsaingeachd airson smachd a ghabhail air tuathan-gaoithe anns an fhairge.

''Tha sinne air tagradh a dhèanamh tron riaghaltas ann an Dùn Èideann gum bu chòir smachd a bhith aig ùghdarrasan ionadail, neo buidhnean eile anns a' choimhearsnachd, air na ceadan agus an teachd a-steach bho leasachaidhean a tha suas gu 12 mìle bhon oirthir.

'''S e an adhbhar airson sin 's e 's gum bi buaidh aig sin air an àrainneachd agus air an oirthir ann an dòighean eadar-dhealaichte, 's dòcha gur ann a thaobh iasgach neo a thaobh beachd luchd-turais,'' thuirt e.

Tha dùil ri coinneamh eadar Oighreachd a' Chrùin an Alba agus Comhairle nan Eilean Siar a dh'aithghearr.

Iarraidh a' chomhairle gum bi smachd aig ùghdarrais ionadail air na còirichean aig Oighreachd a' Chrùin agus an t-ionmhas a thig na chois.